Bidh Oifigear Leasachaidh nam Feumalachdan a Bharrachd a’ leasachadh, ag atharrachadh agus a’ lìbhrigeadh stuthan foghlaim Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh le diofar fheumalachdan sònraichte.
Dleastanasan
-
A’ cruthachadh stuthan teagaisg Gàidhlig diofaraichte (goireasan lèirsinneach, duilleagan-obrach, stuthan didseatach) air an dèanamh freagarrach do dhiofar fheumalachdan sònraichte.
-
A’ gabhail pàirt ann an sgiobaidhean phròiseactan a rèir feum.
- A’ sgrùdadh, a’ cruthachadh, a’ sgrìobhadh agus a’ dèanamh dreach de stuthan mar a thèid aontachadh.
- A’ dèanamh ceangal ri sgoiltean agus ùghdarrasan.
-
A’ cumail suas ris an stiùireadh as ùire air foghlam agus cànan a thaobh Gàidhlig mar chuspair agus a’ gabhail pàirt ann an cùrsaichean trèanaidh air an aontachadh ris a’ Mhanaidsear.
-
A’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan a’ tighinn a rèir frèam-obrach a’ churraicealam.
- A’ dèanamh ceangal ri Sgìoba Càileachd Stòrlann airson a bhith cinnteach à mionaideachd agus ìre cànain agus ùghdarrachd cultarail nan stuthan gu lèir.
-
A’ dèanamh ceangal ri buidhnean iomchaidh, air aontachadh le Stòrlann, airson cur ri leasachadh ghoireasan.
-
A’ dèanamh cinnteach gu bheil gach obair is dleastanas air an coileanadh gu sàbhailte gus nach èirich cron sam bith dhut a thaobh do shlàinte no do shàbhailteachd, no do neach-obrach sam bith eile no do neach dhen phoball.
-
A’ gabhail pàirt ann an tachartasan ionnsachadh fad-bheatha gus taisbeanadh a dhèanamh air goireasan foghlaim Stòrlann, mar eisimpleir trèanadh in-sheirbheis.
-
A’ siubhal mar a bhios feum air gus dleastanasan na h-obrach a choileanadh.
- Dleastanasan eile a rèir inbhe na dreuchd air am bi feum bho àm gu àm gus dèanamh cinnteach à èifeachdas na seirbheis.